Published: 14 November, 2008
THA na làithean dubha dorcha air fàire. Tha am foghar a' tionndadh beag air bheag gu geamhradh. Tha seanfhacal Gàidhlig ag radha " Bi gu currachdadh brògach, brochanach 'sa gheamhradh".
Published: 07 November, 2008
CHA chuireadh e iongnadh ormsa idir nan robh a h-uile duine seach searbh sgìth le bhith a' cluinntinn bhuam an seo mu dheidhinn nam beachdan agam a thaobh telebhisein.
Published: 31 October, 2008
CHA robh samhradh uamhasach fada neo blàth againn ach abair gu bheil an geamhradh a-nis air tòiseachdainn! Bha duine ag innse dhomh gu bheil baile Luirg ann an Cataibh a-mach à botail-teth buileach air son ceannach 's cho dona 's a tha cùisean.
Published: 17 October, 2008
IS iongantach leam mar a tha airgead gu leòr ann air son na bancaichean a shàbhaladh. Thathar air billeanan de notaichean fhaighinn à badeigin air son piseach a thoirt orra. Cò às a tha an t-airgead seo a' tighinn? Chan ann às na bancaichean Innis Tileach tha sin cinnteach. Ach tha na bancaichean ann am Breatainn ann an staing cuideachd agus mar sin se sin mo cheist.
Published: 03 October, 2008
MAR chuibhle a bhios a' cur car fad an t-siubhail tha ceist nan ainmean àite sa Gàidhlig air soidhnichean rathaid a' togail ceann uair eile. Tha cuid a' cumail a-mach nach bu chòir do'n Ghàidhlig a bhith suas air na soidhnichean rathaid idir.
Published: 26 September, 2008
BIDH fhios aig a h-uile duine a leughas an colbh seo gun cuir mi fàilte daonnan air leabhar sam bith ùr sa Ghàidhlig. Tha mi mar sin gu sònraichte toilichte a dh' fhaicinn gu bheil Historic Scotland ('s chan eil Gàidhlig aca fhathast air an ainm aca fhèin) air Iul-cuimhneachan Gàidhlig a thoirt a-mach air son Caisteal Dhùn Eideann. Se leabhar a tha fada gun tighinn nam bheachd-sa.
Published: 19 September, 2008
MAR is motha a thèid cosgaisean connaidh suas 's ann is buailtiche a bhios daoine a bhith a' siubhal air rothar – co-dhiù air son astar goirid. Agus thathar ag radha gu bheil e nas fheàrr don shlàinte agad cuideachd.
Published: 29 August, 2008
THA piuthar agam air a bhith a' cur seachad nan làithean-samhraidh aice a' coiseachd tè de na slighean eilthireachd san Spàinn a tha a' dèanamh air Santiago de Compostela.
Published: 22 August, 2008
THA e neònach mar a bhios rudan gu math tric calg-dhìreach an aghaidh a chèile. Mar eisimpleir, tha daoine fhathast a' fuiling bho dhìth bhidhe ann an iomadh dùthaich air an t-saoghal, mar Aifreaga is na h-Innseachan, fhad's a tha biadh gu leòr, is cus, aig dùthchannan eile, an dùthaich againne nam measg.
Published: 15 August, 2008
BIDH cuid a’ cumail a-mach nach inns sgàthan breug uair sam bith. Ach tha fios agamsa nach eil sin fìor idir idir. Car son a tha mi cho cinnteach às a’ bharail seo? O chionn’s gum bi mise a’ coimhead san sgàthan a h-uile madainn 's mi a’ glanadh nam fiaclan agam.