Published: 14 November, 2008
THA na làithean dubha dorcha air fàire. Tha am foghar a' tionndadh beag air bheag gu geamhradh. Tha seanfhacal Gàidhlig ag radha " Bi gu currachdadh brògach, brochanach 'sa gheamhradh".
|
Published: 07 November, 2008
CHA chuireadh e iongnadh ormsa idir nan robh a h-uile duine seach searbh sgìth le bhith a' cluinntinn bhuam an seo mu dheidhinn nam beachdan agam a thaobh telebhisein.
|
Published: 31 October, 2008
CHA robh samhradh uamhasach fada neo blàth againn ach abair gu bheil an geamhradh a-nis air tòiseachdainn! Bha duine ag innse dhomh gu bheil baile Luirg ann an Cataibh a-mach à botail-teth buileach air son ceannach 's cho dona 's a tha cùisean.
|
Published: 24 October, 2008
THA am Mòd Nàiseanta Rìoghail a-nis seachad air son bliadhn' eile. Uill, tha e seachad air son seachdain neo dhà co-dhiù gus an tòisich na seinneadairean is na còisirean às ùr air na h-òrain air son an ath bhliadhna a dheasachadh.
|
Published: 17 October, 2008
IS iongantach leam mar a tha airgead gu leòr ann air son na bancaichean a shàbhaladh. Thathar air billeanan de notaichean fhaighinn à badeigin air son piseach a thoirt orra. Cò às a tha an t-airgead seo a' tighinn? Chan ann às na bancaichean Innis Tileach tha sin cinnteach. Ach tha na bancaichean ann am Breatainn ann an staing cuideachd agus mar sin se sin mo cheist.
|
Published: 10 October, 2008
LEIS na tha air a bhith a’ tachairt air a’ chola-deug mu dheireadh a thaobh ionmhas bancaichean an t-saoghail mhòir is beag an t-iongnadh ged a bhios daoine air fàs iomagaineach mu dheidhinn nan cosgaisean làitheil a bhios ann.
|
Published: 03 October, 2008
MAR chuibhle a bhios a' cur car fad an t-siubhail tha ceist nan ainmean àite sa Gàidhlig air soidhnichean rathaid a' togail ceann uair eile. Tha cuid a' cumail a-mach nach bu chòir do'n Ghàidhlig a bhith suas air na soidhnichean rathaid idir.
|
Published: 26 September, 2008
BIDH fhios aig a h-uile duine a leughas an colbh seo gun cuir mi fàilte daonnan air leabhar sam bith ùr sa Ghàidhlig. Tha mi mar sin gu sònraichte toilichte a dh' fhaicinn gu bheil Historic Scotland ('s chan eil Gàidhlig aca fhathast air an ainm aca fhèin) air Iul-cuimhneachan Gàidhlig a thoirt a-mach air son Caisteal Dhùn Eideann. Se leabhar a tha fada gun tighinn nam bheachd-sa.
|
Published: 19 September, 2008
MAR is motha a thèid cosgaisean connaidh suas 's ann is buailtiche a bhios daoine a bhith a' siubhal air rothar – co-dhiù air son astar goirid. Agus thathar ag radha gu bheil e nas fheàrr don shlàinte agad cuideachd.
|
Published: 12 September, 2008
NUAIR a choimheadas tu timcheall ort 's tu air an rathad mhòr, chì thu tòrr sgudail 'na laighe air an talamh sna h-oiseanan agus cuideachd gu leòr eile a' crochadh gu h-àrd air na craobhan far an robh a' ghaoth ga fhàgail.
|
Published: 05 September, 2008
'S ANN air an t-siathamh latha de'n t-Sultain o chionn da cheud bliadhna, se sin ann an 1808, a rugadh am bàrd Uilleam MacDhùn-lèibhe ann an Ile.
|
Published: 29 August, 2008
THA piuthar agam air a bhith a' cur seachad nan làithean-samhraidh aice a' coiseachd tè de na slighean eilthireachd san Spàinn a tha a' dèanamh air Santiago de Compostela.
|
Published: 22 August, 2008
THA e neònach mar a bhios rudan gu math tric calg-dhìreach an aghaidh a chèile. Mar eisimpleir, tha daoine fhathast a' fuiling bho dhìth bhidhe ann an iomadh dùthaich air an t-saoghal, mar Aifreaga is na h-Innseachan, fhad's a tha biadh gu leòr, is cus, aig dùthchannan eile, an dùthaich againne nam measg.
|
Published: 15 August, 2008
BIDH cuid a’ cumail a-mach nach inns sgàthan breug uair sam bith. Ach tha fios agamsa nach eil sin fìor idir idir. Car son a tha mi cho cinnteach às a’ bharail seo? O chionn’s gum bi mise a’ coimhead san sgàthan a h-uile madainn 's mi a’ glanadh nam fiaclan agam.
|
Published: 08 August, 2008
THA e doirbh a radha a bheil barrachd dhaoine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd na'n àbhaist am bliadhna air son làithean saora an t-samhraidh aca, neo nas lugha.
|
Published: 01 August, 2008
BHA mi a'bruidhinn ri bhanacharaid an latha roimhe agus bha i ag innse dhomh gun robh rudeigin fada fada ceàrr am bliadhna a thaobh sheilleanan.
|
Published: 25 July, 2008
THA is chan eil e doirbh a chreidsinn gu bheil an Lùnasdal gu bhith oirrn. Tha, a chionn 's gu bheil sinn fhathast a' feitheamh ris an t-samhradh! Chan eil, a chionn 's gum bi a h-uile bliadhna a' ruith nas luaithe na an tè a bh'ann roimhpe, saoilidh mi.
|
Published: 18 July, 2008
BHA mi air trèana an latha roimhe agus bha am fear òg a bha mu’m choinneamh ag èisdeachd ri ceòl tro inneal pearsanta. Neo, co-dhiù, bha amharas agam gur e ceòl ris an robh e ag èisdeachd ged nach cluinninn ach fuaim mar dealan-dè a’ feuchainn a dh’fhaighinn às uinneig dhùinte. (Agus rud nas buaireanta chan eil e ann, saoilidh mi!)
|
Published: 11 July, 2008
MAR a tha fhios aig a h-uile duine tha na prìsean air son peatroil air èirigh gu mòr thairis air a' bhliadhna a chaidh seachad. Aig aon àm, o chionn mìos neo mar sin, bha a' phrìs air a dol an àrd gach turas a rachadh tu seachad air an stèisean-peatrol.
|
Published: 04 July, 2008
BHA mi ann am Baile Gaillimh ann an Eirinn an t-seachdain sa chaidh. A dh'aindeoin 's gun robh teis-meadhan an t-samhraidh ann, shaoileadh tu gun robh mi taobh a-staigh dealbh Noah sa bhàta leis cho trom sa bha an t-uisge a bh'ann.
|
Published: 27 June, 2008
BHA mi air trèana an latha roimhe eadar Peairt is Inbhir Nis. Bha e trang trang agus cha mhòr nach robh suidheachan falamh air fhàgail ann.
|
Published: 20 June, 2008
THA Leabharlann Inbhir Pheofharain air gluasad gu dachaidh ùr taobh a-staigh na h-Ardsgoile ùire. Bidh e 'na ghoireas glè mhath dhan sgoil agus dhan na daoine a bhitheas timcheall na sgoile, co-dhiubh am bi iad nan tidsearan neo nam pàrantan. Tha e fosgailte cuideachd do dhuine sam bith sa choimhearsnachd mar a bha an seann leabharlann.
|
Published: 13 June, 2008
CHA bhi mòran nach robh a' cluinntinn mu dheidhinn Fèis Ciùil Rock Ness an t-seachdain sa chaidh. Agus gu dearbh fhèin bha mòran a' cluinntinn na Fèise fhèin nach robh air son èisdeachd rithe idir. Chualas an ceòl (ma's e sin a bh'ann) bhon Eilean Dubh agus ann an iomadh àite eile, tha mi cinnteach, timcheall air Dubhras ri taobh Loch Nis far an robh an Fhèis air a stèidheachadh.
|
Published: 06 June, 2008
BHA dealbhan chamara iongantach air an sgaoileadh o chionn ghoirid. Chaidh na dealbhan an togail o itealan beag os cionn na coille-uisge Amasonaich agus chithear dà ghaisgeach de threubh an àite sin ag amas air an itealan le boghachan is saighdean, lh boireannach gan coimhead.
|
Published: 30 May, 2008
BHA mi ann an Dùn Eideann an t-seachdainn sa chaidh gus taic a thoirt do’n nighinn agam sa rèis mharathon an sin. Tha an rèis seo beagan a bharrachd air fichead sa sia mìle a dh’fhad.
|
Published: 23 May, 2008
GACH bliadhna tha an cruinne-cè a' crìonadh. Chan eil sin a thaobh meudachd ach a thaobh nan astar is nan ceangal a tha eadarainne a bhios a' fuireach ann.
|
Published: 16 May, 2008
BIDH sinn a' cluinntinn tòrr sna làithean seo mu dheidhinn blàthachadh na cruinne agus na gasaichean a bhios air an losgadh nuair a chleachdas sinn ola, 's iad a' cur ris a' bhlàthachadh.
|
Published: 09 May, 2008
CHAN eil comharra nas cinntiche againn a dh'innseas gu bheil an samhradh air tighinn — neo co-dhiù air fàire — na guth na cuthaige.
|
Published: 02 May, 2008
CHAN ann gus am bi rudegin a chall agad a thuigeas tu dìreach cho feumail sa bha e. S ann mar sin a tha sinn mu dheidhinn connaidh sna làithean seo.
|
Published: 24 April, 2008
THA Latha Buidhe Bealltainn air faire. Se sin a' chiad latha de'n Cheitean agus bha ar sinnsearan Gàidhealach ga chomharrachadh mar a' chiad latha de'n t-samhradh.
|
Published: 18 April, 2008
THAINIG naidheachdan duilich da-rìribh do shaoghal nan Gàidheal is na Gàidhlig an t-seachdainn sa chaidh nuair a chualas gun robh Sìm MacCoinnich an cleasaiche ainmeil air chaochladh.
|
Published: 11 April, 2008
GED nach bi fhios againn sna làithean seo, am bi sneachd neo grian ann bho latha gu latha tha na h-eòin a' ceileireadh gu math àrd sna maidnean an dràsta.
|
Published: 04 April, 2008
THA làithean na sgoile gu math mòr ann am beatha dhaoine òga. Tha leanabh òg air fàs gu math luath sna chiad còig bliadhnaichean de'n bheatha aige neo aice.
|
Published: 28 March, 2008
SE RUD ùr a th' ann an coimhearsnachd an diugh! Sna seann làithean bha coimhearsnachd a' toirt a-steach nan daoine a bhiodh a' fuireach còmhla ann am baile neo ann an sgìre.
|
Published: 21 March, 2008
THA Là Càisge air tuiteam am bliadhna cho tràth dhuinn sa dh' fhaodadh e tuiteam. Se sin air an treas latha fichead de'n mhìos seo.
|
Published: 14 March, 2008
CHAN ann tric a gheibh mi cothrom èisdeachd ris a' phrògram Mire ri Mòr air Radio nan Gàidheal ach bha mi sa chàr air an t-slighe gu coinneamh o chionn seachdainn, neo mar sin, nuair a bha am prògram sin air. Bha an ceòl sgoinneil, mar is àbhaist. Is toigh leam an taghadh a bhios aig Mòr 's bidh an crac aice math cuideachd.
|
Published: 07 March, 2008
CHAIDH Fèis Ciùil Inbhir Nis a cumail aig deireadh a'Ghearrain. Bidh an Fhèis a' dol air adhart fad cola-deug agus tha beairteas de cheòl ri fhaighinn 'na lùib.
|
Published: 29 February, 2008
BHA mi a' bruidhinn ri cuideigin an latha roimhe mu dheidhinn nan in-imreach a tha air tighinn dhan dùthaich seo sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Cha mhòr nach do chreid mi gun robh i ann da-rìribh nuair a thuairt i gum b'e sgriosail e gun robh na h-in-imrich air falbh leis na taighean "againne" agus na h-obraichean "againne".
|
Published: 22 February, 2008
NUAIR a chaidh bàta Spàinnteach air na creagan air Hiort o chionn cola-deug chaidh an ceòl air feadh na fìdhle.
|
Published: 15 February, 2008
THÀINIG na naidheachdan a-steach an t-seachdainn sa chaidh gu bheil Al Quaeda a' trèanadh cloinne cho òg ri seachd neo ochd ann an saighdearachd.
|
Published: 08 February, 2008
THA a h-uile duine ag èigheachd mu dheidhinn dè cho reamhar 's a tha sinne mar shluagh agus gu sònraichte dè cho reamhar sa tha clann an latha an diugh, 's iad nan suidhe cha mhòr fad an latha mu choinneamh TBh neo coimpiutair air choireigin.
|
Published: 01 February, 2008
'SE A'CHIAD latha de'n Ghearran Là Fèill Brìghde ann an saoghal nan Gàidheal. Tha e doirbh a dh' fhaighinn mòran fiosrachaidh mu deidhinn Brìghde fhèin oir tha i 'na measgachadh de rudan eadar ban-naomh Chrìosdail agus ban-dia phàganach.
|
Published: 25 January, 2008
THA e daonnan 'na mhìorbhail dhomhsa gu bheil e comasach do thunnachan de mheatailt a bhith air an togail gu h-àrd sna speuran sa cheud dol-a-mach, agus a-rithist, gum faod iad siubhal aig luaths sia ceud mìle san uair aig an àirde sin.
|
Published: 18 January, 2008
BHA fiosrachadh a' dol timcheall aig àm na Nollaig a bha ag radha gum bidh sinn, ann am Breatainn, ma's math mo chuimhne, a' cleachdadh pàipear-chòmhdachaidh ùr gu leòr air na tiodhlacan do na chàirdean is caraidean againn, a rachadh thairis air na h-Eileanan Guernsey is Jersey air fad.
|
Published: 11 January, 2008
CHA bhi mòran an diugh a' comharrachadh na seann Oidhche Challainn a chaidh a cumail ann an iomadh àite air a' Ghàidhealtachd bliadhnaichean air ais air an darna latha deug de'n Fhaoilleach, a-rèir mìosachain an latha an diugh.
|
Published: 04 January, 2008
BLIADHNA Mhath Ur dhuibh! Bidh gu leòr toilichte, tha mi cinnteach, gu bheil an Nollaig is Oidhche Challainn seachad ach is toigh leamsa an t-àm seo. Bidh cothrom ann a dhol air chèilidh air càirdean is càraidean nach faic sinn, 's dòcha, cho tric.
|
Published: 28 December, 2007
CHAN eil rud ann nach tig gu crìoch. Agus nuair a thig e gu crìoch bidh cothrom ann air son tòiseachdainn ùir.
|
Published: 21 December, 2007
THA e doirbh a chreidsinn nach eil ann ach beagan làithean mus tig latha na Nollaig leis cho blàth 's a bha an t-sìde gu ruige seo.
|
Published: 14 December, 2007
THA an ùine a' ruith oirnn. Tha an Nollaig beagan is seachdain air falbh agus chan eil mi deiseil air a son idir, mar is àbhaist.
|
Published: 07 December, 2007
SEO sinn an nis san Dùbhlachd agus abair Dùbhlachd a th'air a bhith ann gu ruige seo. Chan eil fhios a bheil mi dìreach a' fàs sean gearanach ach chanainn gu bheil na feasgraichean air fàs dorcha nas tràithe am bliadhna, na bha iad riamh roimhe aig an àm seo de'n bhliadhna.
|
Published: 30 November, 2007
'S E AN diugh, ma leughas tu am pàipear-naidheachd seo Dihaoine, nuair a bhios a' chuid as motha ga cheannach 's ga leughadh, Fèill Anndra.
|
Published: 23 November, 2007
BHA pìos anns a' phàipear-naidheachd a fhuair mi Didòmhnaich mu dheidhinn na seanail dideataich ùir a tha daoine air a bhith a' bruidhinn mu deidhinn fad iomadh bliadhna a-nis. Bha am pìos seo gu domhainn am broinn a' phàipeir 's e a' faighinn nas lugha na cairteal duilleig a dh'àite.
|
Published: 16 November, 2007
THA àm na Nollaig a' ciallachadh rudeigin eadar-dhealaichte do ghach duine.
|
Published: 09 November, 2007
AIG an àm seo de'n bhliadhna tòisichidh na catalogan carthannais a' dòrtadh a-steach tro'n doras a' sireadh airgid mu choinneamh bhuidhnean-carthannais de gach seòrsa.
|
Published: 02 November, 2007
SE LINN nam farpais a th'ann, a-rèir coltais. Gach àite a choimheadas tu tha farpais ann, co-dhiù am bi e 'na fharpais far nach bi a dhìth ach buaidh an fhortain, neo 'na fharpais far an glèidh an neach as tapaidhe an duais.
|
Published: 26 October, 2007
CHA bhi mòran, saoilidh mi, aig nach bi fhathast an t-òran Gleann Bhaile Chaoil a' dol nan ceann an dèidh dhuinn a chluinntinn dà thuras dheug Dihaoine sa chaidh, 's e na phìos stèidhichte aig na còisirean san fharpais Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn.
|
Published: 19 October, 2007
THA sinn uile ro reamhar. Tha e fìor dhomhsa, tha fhios'am, ach tha e cuideachd fìor mu dheidhinn sluagh na h-Alba san fharsaingeachd.
|
Published: 12 October, 2007
CHAN eil filmaichean idir an rud a thigeadh nad inntinn nuair sa chiad dol-a-mach a bheachdachadh tu air cultar nan Gàidheal ach tha saoghal nan taighean tughaidh seachad. Tha seo cho soilleir sa ghabhas nuair a chluinneas tu mu dheidhinn an fhilm ùir Seachd – The Inaccessible Pinnacle.
|
Published: 05 October, 2007
'S GANN a bha mi 'ga chreidsinn an latha roimhe nuair a thuirt cuideigin rium nach eil air fhàgail ach beagan is dusan seachdain gu Latha na Nollaig. Nach i a' bhliadhna a tha air ruith seachad gu luath!
|
Published: 28 September, 2007
CHAN eil thu san fhasan an diugh, a-rèir coltais, mur a h-eil thu "ag ath-chuartachadh". Chan eil ath-chuartachadh 'na rud ùr idir, ge tà. Chan eil ann ach a bhith a' cleachdadh rudan a-rithist agus a-rithist gus am bi iad briste neo ro aosda. Agus se sin a rinn ar pàrantan is ar seanairean gun teagamh.
|
Published: 21 September, 2007
THA e doirbh a chreidsinn, gu bhith onarach, ach thathar a-nis ag radha gum bi dìth uisge oirrn ann an ùine nach bi fada agus gum feum sinn, mar sin, a bhith faiceallach air na cleachdas sinn de dh'uisge.
|
Published: 14 September, 2007
MAR is trice 's ann tro òrain Beurla a bhios daoine an diugh a' cluinntinn mu dheidhinn Muighalaigh a tha pìos deas air Bharraigh.
|
Published: 07 September, 2007
THA e air a bhith gu math doirbh am bliadhna a bhith cinnteach dìreach cùine a thòisich agus cùine a chrìochnaich na ràithean.
|
Published: 31 August, 2007
'S IAD na Sìnich, tha mi a' smaointinn, a thuirt an toiseach gun tòisich cuairt sam bith, ge b'e dè cho fada 's a bhios i, le aon cheum a-mhàin.
|
Published: 24 August, 2007
BHA e math a chluinntinn mu dheidhinn sgoil Gàidhlig Inbhir Nis a dh’fhosgail o chionn seachdainn, neo mar sin, nuair a thill na sgoilearan an dèidh saor-làithean an t-samhraidh. Bha e math air sgàth dà adhbhar.
|
Published: 17 August, 2007
BIDH fhios aig a h-uile duine a leughas an colbh seo gu cunbhalach gu bheil mi, san fharsaingeachd, caran sean fhasanta nam dhòighean. Mar eisimpleir, is beag orm a' mhòrchuid de na toglaichean ùra a chruthaicheas duine an diugh ach is toigh leam na seann toglaichean a dh'fhàsas sean ann an dòigh thlachmhor.
|
Published: 10 August, 2007
CHUIR mise seachad saor-làithean an t-samhraidh air Eilean Muile. Cha robh mi ann ach turas roimhe, agus sin nuair a bha mi ach òg, agus bha ùidh agam fhaighinn a-mach am biodh an t-àite fhathast cho àraidh sa bha e 'nam chuimhe.
|
Published: 03 August, 2007
BIDH daoine gu math tric a’ cantainn gu bheil an samhradh 'na ràith fhaoin de’n bhliadhna a thaobh nam meadhanan, seach nach bi mòran susbainteach a’dol mar naidheachdan. Tha e fìor gu ìre oir bidh luchd-poileataics air saor-làithean air son a 'mhòrchuid, agus mar sin, cha bhi mòran a’ dol sa raon sin.
|
Published: 27 July, 2007
A BHEIL mise nam aonar air a' phlanaid seo 's mi fhathast gun leughadh an leabhar ùr Harry Potter?
|
Published: 20 July, 2007
BHA e math a chluinntinn gu bheil an riaghaltas ùr Albannach an dùil rudeigin a dhèanamh mu dheidhnn an rathaid A9 eadar taobh tuath na Gàidhealtachd agus Alba a deas.
|
Published: 13 July, 2007
SAN t-sean mhìosachan bhathar a’ cumail fèill Màrtainn Builge ann an Alba air a’ cheathramh latha de’n Iuchar. Sa mhìosachan nuadh bha seo a’ tuiteam air a’ chòigeamh latha deug de’n mhìos seo agus bhathar ag radha gum biodh uisge ann fad an dà fhichead latha is oidhche an dèidh làimhe. Bhathar ag radh cuideachd ann an Alba, nam biodh tioram na fèidh ag èirigh sa’ dol gu laighe
|
Published: 06 July, 2007
BHA mi aig banais air a’ Ghalldachd an t-seachdain sa chaidh, ann am Bearuig a Tuath.
|
Published: 29 June, 2007
THA leabhar tarraingeach ùr air nochdadh aig am bi ùidh mhòr aig leughadairean a' phàipear seo. Se "Saoghal Bana-mharaiche" tiotal an leabhair a tha 'na chunntas beul-aithris mu bheatha muinntir an iasgaich ann am Machair Rois.
|
Published: 22 June, 2007
THA e doirbh a chreidsinn gu bheil sinn a-nis seachad air an latha as fhaide den bhliadhna agus bho seo a-mach gum bi na làithean a' crìonadh.
|
Published: 15 June, 2007
AN cuala duine an do nochd Nessie idir aig an fhèis Rock Ness? Chunnaic mi sa phàipear gun robhar a' tabhairt millean nota nan d' fhuair duine dealbh chamara de'n uilebheist.
|
Published: 08 June, 2007
CHAN eil dad ùr ann fo'n ghrèin. Cha b'ann an diugh neo an dè a chaidh na faclan sin air an labhairt an toiseach ach tha iad fhathast cho fìor sa bha iad an uairsin.
|
Published: 01 June, 2007
THA inneal ann an diugh mu choinneimh gach obrach a th'ann agus fiù's mu choinneimh gach obrach a dh' fhaodadh a bhith ann nan robh an cothrom agad.
|
Published: 25 May, 2007
THA teicneolas ùr air atharrachadh mòr a thoirt air an t-saoghal.
|
Published: 18 May, 2007
CHUALA mi a' chuthag an t-seachdain sa chaidh. Chan ann air an Eilean Dubh a chuala mi i ach teis-meadhan a' Ghlinne Mhòir eadar Cille Chuimein agus an Gearastan.
|
Published: 11 May, 2007
THA cànan nan Gàidheal ann an staing cugallach. Ach tha daoine de'n bheachd gu bheil rudan nas fheàrr an diugh na bha iad o chionn beagan bhliadhnaichean.
|
Published: 04 May, 2007
AIR son iomadh bliadhna bha am brochan a dh' itheadh duine air son na bracaiste 'na bhiadh gu math sean fhasanta.
|
Published: 27 April, 2007
BHA Latha Buidhe Bealltainn 'na latha-fèille mhòr air a' Ghàidhealtachd sna linntean a dh' fhalbh 's e fear de làithean mòra na bliadhna aig ar sinnsearan.
|
Published: 20 April, 2007
THA sinn a' fuireach ann an saoghal far am bi buidhnean is companaidhean a' cleachadh shuaicheantas mar chomharra a thuigeas duine sa bhad. Chan e rud ùr th'ann. Bhiodh daoine o shean a' cleachdadh an leithid air son innse do dhaoine cò rinn rudeigin neo cò a' bhuidheann dom buin rudeigin.
|
Published: 13 April, 2007
'S ANN nuair a thig an t-earrach a bhios mi a' glanadh nan uinneagan is nàire orm mar a bhios gathan grian an earraich gam shealltainn cho salach sa tha iad.
|
Published: 06 April, 2007
THA latha na Càisge a' dlùthadh oirrn agus bidh daoine a' coimhead air adhart ris an Earrach.
|
Published: 30 March, 2007
BHA aithisg sna pàipearan-naidheachd o chionn ghoirid a bha ag innse mar a bhios sinn a' sadail a-mach an treas cuid de'n bhiadh a cheannachas sinn.
|
Published: 23 March, 2007
THA e ‘na chuspair iomagaine gu bheil uiread chompanaidhean is ghnìomhachasan ann an Alba an diugh fo shealbhaireachd dhaoine bho thall thairis.
|
Published: 16 March, 2007
CHA bhi mòran ann nach eil air cluinntinn cho feargach ‘s a tha cuid ann an Steòrnabhagh gu bheil a’ chompanaidh Landrover air Stornoway Grey a chur air dath a’ charbaid as ùir’ aca.
|
Published: 09 March, 2007
THA tòrr bruidhinn is deasbad ann an diugh mu dheidhinn blàthachadh na Cruinne agus nan gasaichean taigh-gloine a bhios a’ milleadh na h-ìre òson gu h-àrd. Agus às a h-aonais cha bhith dad gar dìon bho ghathan cunnartach na grèine.
|
Published: 02 March, 2007
SAN t-saoghal sa bheil sinn beò tha ceòl gu math cudromach. Cluinnidh thu air gach taobh dhìot e – sna bùthan, aig an fhiaclair agus fiù’s air am fòn, ‘s tu a’ feitheamh ri bruidhinn ri duine.
|
Published: 22 February, 2007
‘S TOIGH leam a bhith a’ siubhal air trèana. ‘S urrainn dhut a choimhead a-mach air an uinneig ma thogras tu, neo a’ gabhail do shocair a’ leughadh neo a’ sgrìobhadh. Ach cha toigh leam idir e nuair a bhios na fònaichean-làimhe aig daoine a’ seirm ‘s a’ sgreuchail a h-uile darna mionaid. Mar sin ma bhios an taghadh agam thèid mi do’n choidse shamhaich far nach bi fuaimean mar gheamannan coimpiutair neo fònaichean ceadaichte.
|
Published: 15 February, 2007
THATHAR a’ cumail bliadhna iubailì air Eilean Hiort am bliadhna air sgàth dà adhbhar. Sa ’chiad àite tha e lethcheud bliadhna o chaidh an grunnan seo eileanan ris an canar an diugh Hiort air ainmeachadh mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta. Tha e cuideachd lethcheud bliadhna o ghabh Urras Nàiseanta na h-Alba uallach air son nan eileanan sin.
|
Published: 09 February, 2007
THA an saoghal, neo, co-dhiù, na daoine a bhios ann, neònach uaireannan.
|
Published: 02 February, 2007
BHA cèilidh shònraichte ga cumail an t-seachdain sa chaidh ann an Talla Pòl Iù. Chuir Meur Comann Gàidhealach Loch Iù air dòigh i le deoch is biadh gu leòr gus leabhar ùr a chur air bhog.
|
Published: 26 January, 2007
BIDH mòran dhaoine a’ coimhead a’ phrògraim telebhisean Bràthair Mòr. Bho thòisich am prògram sa chiad dol-a-mach tha e air a bhith connspaideach.
|
Published: 19 January, 2007
THA Gath a’ Gheamhraidh air tighinn a-mach! Mar a bhios cuimhne agad se seo an ràitheachan a th’ air spiris Ghairm a ghabhail agus a tha a-nis na shiathamh clò-bhualadh.
|
Published: 15 January, 2007
’S ann air an darna latha deug de’n Fhaoilleach a bhios cuid fhathast a’cumail na seann Oidhche Challain.
|
Published: 05 January, 2007
CHAN eil teagamh sam bith ann gun robh barrachd is barrachd cudthruim oirrn an Nollaig seo gu gearradh air air ais air an sgudal a bhios againn. Se seo air sgàth na h-àrainneachd.
|